Gaelic Language Skills

Part of Portfolio Question Time – in the Scottish Parliament at on 12 June 2024.

Alert me about debates like this

Photo of Kate Forbes Kate Forbes Scottish National Party

Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil e fìor chudromach dèiligeadh ri lùghdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig sna coimhearsnachdan seo. An-dràsta tha sinn a’ leasachadh dà dhòigh-obrach poileasaidh ùr a th’ air am fiosrachadh le toraidhean a’ chunntais-shluaigh is a tha a’ cur taic ris a’ chànan aig ìre na coimhearsnachd. ’S e na sgìrean cànain sònraichte a thèid a chur an sàs le Bile nan Cànan Albannach ceum a dh’ionnsaigh ath-bheòthachadh cànain a tha stèidhichte air a’ choimhearsnachd.

Nar freagairt don bhuidhinn-obrach gheàrr-bheatha air cothromanan eaconamach is sòisealta don Ghàidhlig bidh sinn a’ dèiligeadh ris na cùisean eaconamach nas doimhne a tha sònraichte ris na coimhearsnachdan dùthchail is eileanach air an tug sibh iomradh. Tha iad seo a’ togail air iomairtean a tha mu thràth an sàs leithid poileasaidh “Gàidhlig mar Chiad Chànan” Chomhairle nan Eilean Siar is an obair a tha Bòrd na Gàidhlig a’ leantainn le buidhnean ionadail gus planaichean Gàidhlig coimhearsnachd ullachadh ann an Uibhist agus Leòdhas.

Agus anns a’ Bheurla: the Scottish Government recognises the urgency of addressing the decline. We will do that through the Scottish Languages Bill and through the short-life working group, building on existing initiatives such as the Gaelic first policy in Comhairle nan Eilean Siar.